AN SAIGHDEAR
Sgeul an uamhais!
A taomadh bho bhilean
pongail an fhir- naigheachd..
“Fhuair saighdear eile bas ann an Afghanistan
Thuirt ceannard na reisimeid
Gun d’fhuair e bas mar ghaisgeach
Ag cosnadh dha fhein duais- cogaidh
A dion a rioghachd
A deanamh an obair anns an robh tlachd aige
Theid a chorp a sgeith dhachaidh
‘S theid a adhlaicheadh le mor urram agus greadhneachas”
Mo ghille og!
Am bu ghaisgeach thu an glaicean fuar aognaidh a bhais
‘s ne cliu do rioghachd a neartaich thuanns a’ bhruaillean
nuair dh’fhailnich do threoir
s tu nad shineadh
‘ann an sgire choimheach choigreachail Helmand
measg fineachan
fuilteach
ain-diadhaidh,aingidh?
De dhuit-se
duaisean-cogaidh airson gaisge?
oraidean-molaidh mora
fada
S na ceudan a tional air na sraidean
Le neonachas
a feithibh chum amharc air do ghiulain
a shileadh dheoir
a tilgeadh rosan
geal is dearg
Thig smal air an duais -gaisga
Seargaidh na blathan
Theid di-chuimhne air briathran
Sgapaidh na ceudan ud
obair la a feitheamh
Gach aon cho trang
S’cha chuimhnichear THUSA nas mo
A mhain---
Taisgte ann an cridhe do mhathar
Tha craidh do-leighis
- Air nach toir iocshlaint feachd
A triall fo leon
gach la ann an dubhar sgailean dorcha
As eugmhais solais
Criosaidh NicIomhair, Breascleit