2022 so far
Amhrain furasta agus taic le giotar
Sgilean ura son ceilidh air loidhne
Ceilidh Amhrain Gaidhlig s ceol duthchail.
Amhrain 's Ceol Tradiseanta
Ceangal Alba s Eirinn
Rotal Iasgairean Leodhais 's na Hearadh
Beyond Words- Gaidhlig
Na h-Ealain Gaidhlig 2020
CD Cailleach an Deacoin
4 Deilbh Cluich Claradh agus teacs
Seanchasan
Fiolm An Iolaire 2009
Toradh na Bliadhna
Cabraich 2018, leabraichean agus claran ura a dualchas nan eilean. lewisculturalproducts@gmail.com
Read more, Comments: 0Ceilidh na Gaidhlig 2 an 2018
A-raoir bha oidhche mhath ga rireamh againn, cruinneachadh againn le orain,seanchasan agus ceol
Gaidhlig,anns Na Gearranann.
A-raoir bha truir oganaich nar cois a' seinn agus a cluich.
Thainig iad len toil fhein. Thaining boireannach aig aois 90 as Na Hearadh ga
Na Gearrannan cuideachd. Sin an oidhche 'intergenerational'/iomadh ginealach is docha, a bha againn.
Agus bha e
gu tur sa Ghaidhlig a thoirt cothrom dhuinn a bhith cruthachail nar ciad
chanan.
Ach caite a bheil seo a futadh plana
Gaidhlig nan Eilean an Iar? Chan eil fhios agam co thige a chuireas mi fios
airson faighneachd an toir iad dhuinn cuideachadh le sanasachd son an ath
oidhche a bhios ann.
Tha buidheann saor thoileach againn a tha deonach coinneachadh uair anns a' mhios, ann an coimhearsnachd sam bith a chuireas fiathchadh thugainn. Co a' coimhearsnachd anns na h-Eileannan a tha ag iarraidh Ceilidh na Gaidhlig an ath mhios?
Read more, Comments: 0
Ceilidh na Gaidhlig 1 an 2018
Tha an Cd ri fhaighinn anns an Woodlands Centre and Oifis an Stornoway Trust agus bho lewiscuturalproducts@gmail.com
Read more, Comments: 0
Clas Gaidhlig 2018
Read more, Comments: 0
Clasaichean Gaidhlig
Read more, Comments: 0
Laraich 2017 Faoilleach 28/29
Bidh balgam ri fhaighinn agus uine gu leor son na fiolmaichean, clar dutcha agus taisbeanadh beag mun iasgach, na faingean agus an doigh beatha a cnuasachadh.
Fhuair Cabraich taic bho Bord na Gaidhlig agus CnES agus Comann Eachdraidh Ceann a Tuath Nan Loch airson an cruinneachd seo a thoirt cruinn. Read more, Comments: 0
Laraich
Bidh balgam ri fhaighinn agus uine gu leor son na fiolmaichean, clar dutcha agus taisbeanadh beag mun iasgach, na faingean agus an doigh beatha a cnuasachadh.
Fhuair Cabraich taic bho Bord na Gaidhlig agus CnES agus Comann Eachdraidh Ceann a Tuath Nan Loch airson an cruinneachd seo a thoirt cruinn.
Read more, Comments: 0
Deireadh na Bliadhna
Bidh 4 clasaichean eile aig Ionad an Drochaid an Ceann a Bhaigh bho Diluain 14mh Samhainn gu Diluain 5mh den Dubhlachd eadar 4 agus 6f.
Bidh buidhean seinn ann an Uig, Leodhais air Diardaoin 17mh Samhainn agus Diardaoin 1mh Dubhlachd anns an Ionad ann am Miabhaig eadar 7.30 agus 9.30f.
Read more, Comments: 0
An Damhair 2016
Bata nan Sailm 13-28mh Lunastal
Bidh grunn luchd ealain, luchd seinn nan sailm agus seoldairean a tighinn cruinn eadar 13mh agus an 28mh latha den mhios seo.
Cur fios gu Deirdre Ni Mhathuna d.ni.mhathuna@outlook.com neo Magaidh maggiesmith@hebrides.net airson tuilleadh fiosrachadh mun na tachartasan.
Tha Cabraich toirt taing ga CNES airson an taic airson Bata nan Sailm Ire 111 (2016) . Read more, Comments: 0
Leir-mheas Ceilidh na Gaidhlig
Euan MacLeod - Oifigear Proiseact UCBA-
Tháinig Cèilidh na Gàidhlig do Ghrinneabhat na b' traithe sna bliadhna is b' e cuithream air leth a bh'ann a chòrd ris a h-uile neach a bha an láthair. Tha e doirbh dhomh a' mìneachadh cho cudthromach sa bha a' chúis a-réir neartachadh Gàidhlig nar sgìre, nar cuideachd bha luchd-labhairt ionadail a rugadh san sgìre, agus daoine ùr dhan áite, cuid gun Ghàidhlig idir. Fhuair cluicheadairean is seinneidearan de gach aois cothrom an sgilean a thaisbeanadh air beulaibh luchd-amhairc, rud a bhrosnaicheas misneachd dhaibh.
Chualas bàrdachd, òrain, agus seanchas, a bha uile gu léir nadurra agus neo-fhoirmeil. Cuideachd bha sinn uabhasach fhèin fortanach gun robh Dràma, ùr-sgrìobhte, dhúinn air an oidhche - cùis a tha fada ro ghann aig an àm seo air an àrd-ùrlar. Mholainn Cèilidh na Gàidhlig do neach sam bith mar bhlasad de chultar Leòdhais agus a' Ghàihealtachd air san fharsaingeachd, agus tha UCBA làn dóchais gun till a' Chèilidh cho luath sa ghabhas
Tachartasan
Tha Cabraich a luiginn taing do gach duine a thug taic ga Ceilidh na Gaidhlig, tachartas gach mios, a bha gu tur anns an Ghaidhlig.
A luib Ceilidh na Gaidhlig bha da dhealbh cluich ur, seanchasan, orain agus
bardachd.
Chaidh an tachartas a chur air adhairt an Seallam An Taobh Tuath Na
Hearadh, Ionad Urras Bradhghair agus Arnal, A Hut air a Bhac le
cuideachadh bho Comunn na Gaidhlig air an oidhche, agus Taigh Tasgaidh nan
Eilean, Steornabhagh le cuideachadh air an oidhche bho Comataidh Mod Nan Eilean
2016.
Bhathas ag amas, air measadh a dheanamh air a mhios seo (An Iuchair). Seo cuid
de na beachdan a thainig thugainn.
Bha luchd ionnsachaidh na Gaidhlig a faireachdainn gun do lean iad na bha
tachairt agus gun tug e adhartas air an cuid eolais. Fhuair na cleasaichean,
seinneadairean agus seanchaidhean buannachd agus toileachas as na tachartasan.
Chord na tachartasan ris an luchd amhairc anns gach sgire.
Thainig iarrtas bho buidhnean seann daoine airson tachartas tron an latha.
Chaidh na cinn la seo a dhearbhadh aig an ire seo. Tha da bhuidhean eile gun
dearbhadh na cinn la san Lunasdal agus san Sultainn.
21mh Iuchair Club Lon Nis, Comann Eachdraidh Nis.
6mh Damhair Club Young at Heart, Clann MacQ Borgh.
Bidh am plana airson a Gheamhradh 16-17 a reir de na beachdan agus an iarrtas a
thig bho na buidhnean coimhearsnachd.
Feumar taing a thoirt ga Bord na Gaidhlig agus Sgioba na Gaidhlig airson an
taic ga Ceilidh na Gaidhlig.
DVD Toradh
Air an DVD UR Toradh, tha ochd fiolmaichean ùra, a chaidh a dheànamh ann an Leòdhas. Tha trì sgrìobhadairean agus iomadh cleasaiche an luib an iomairt saor-thoileach seo.
1 Taigh a Mhùirt (E.I Dòmhnallach) Fiolm goirid Tha na polais a lorg nighean òg ach dè tha dol san t-seada? An Cleasaiche Alasdair MacIll Fhinnein.
2 Gealladh a’ Bhàrd (Documentary ) Pèigi Oighrig Nic a Ghobhainn far a Cnìop, ag innse mar a fhuair i gìt a’ bhàrdachd bho bràthair a sheanair, ‘s e air leabaidh a bhàis.
3 Leabhar na Beatha: (E.I Dòmhnallach) Fiolm goirid Saighdear òg a falbh dhan chogadh Na cleasaichean òga Sean MacLeòid, Aileen Nic Ille Fhinnein agus Iain MacIomhair agus an cleasaiche nach eil cho òg, a chur uidhir ri dràma na Gaidhlig thairis air na 50 bliadhna mu dheireadh Deirdre NicDhòmhnaill. Bàrdachd a sgrìobh Dòmhnall MacIomhair à Cradhlastadh Uig Do Lorgan air an Traigh air aithris le Eòghainn MacFhionnghain à Eadar Dha Fhaodhal .
4 Fios Fithich: (E.I Dòmhnallach) Fiolm goirid. Beachd air mar a thàinig na Fir Taileisg a d’Uig agus ’s e Iain MacIomhair far a Cnìop fear na monadh.
5 Smuaintean: (K.Stringer) Peucaidhean na h-Oige An Cleasaiche Alasdair Mac Ill Fhinnein agus Iain MacIomhair.
6 Taigh Dhè (Documentary) Eaglais Baile na Cille, an Uig. An 1829 bha 1,000 de choimhthional anns an eaglais. An 2012 tha i fàs. Thathas ga reic air a’ mhargaid.
7 Fo Sgàile Suainabhal (Eric I Dòmhnallach) Tè a fhuair a ciad cosnadh anns a’ Luidse. Ach eil fhios dè na rudan a chunnaic iad? Fiolm aon guthach Magaidh Nic a’ Ghobhainn.
8 Coinneach Tarmod mo Dhuine (Alasdair Caimbeul) Clàradh dealbh cluich a chaidh gu deich buidhnean coimhearsnachd 2014-15. Tè a thoirt iomradh air na thachair air mointeach Bharbhais. Fiolm aon guthach Magaidh Nic a Ghobhainn.
Tha an DVD Toradh a cosg £10.00 agus prìs a’ phùist. www.cabraich.org maggiesmith@hebrides.net no 07554665549
Fhuair Cabraich Taic bho Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail airson an DVD Toradh a chur ri chèile.
Read more, Comments: 0Ceilidh na Gaidhlig Seallam, An Taobh Tuath, Na Hearadh 24th June 7.30
Bidh Magaidh Nic a Ghobhainn agus Alasdair Ban MacIlleFhinnein ann leis an drama Tom s Jerry a sgriobh Alasdair a Bhocsair agus An Turas a sgriobh Eric I Domhnallach. Bidh Domhnall Saunders ann le seanchasan agus Ruaridh Domhnallach air a' bhocsa agus a gabhail nan seann orain.
Bidh cuid den luchd cuil agus seinneadairean a tha air a bhith a toirt taic ga Ceilidh na Gaidhlig, a dearbhadh gum bi iad ann nas fhaisg air an am. Read more, Comments: 0
Ceilidh na Gaidhlig 13mh Ceitean Taigh Tasgaidh nan Eilean
Toradh DvD ur
Ceilidh Na Gaidhlig
Cèilidh na Gàidhlig
Aig Cèilidh na Gàidhlig anns a’Hut air a’ Bhac, bha deilbh cluich ùra, Còisir Sgìre a’ Bhac, àmhrain agus ceòl às an dualchas. Tha Cèilidh na Gàidhlig ag amas a bhith ann an sgìrean eadar-dhealaichte gach mìos le seinneadairean às gach àite.’S ann an Grinneabhat am Bràdhghair a bhios an ath cruinneachadh air Dihaoine 29mh Ghiblein.
Thathas a targaideachd air luchd amhairc dràma na Gàidhlig a leudachadh, toirt cothrom ga luchd ionnsachaidh na Gàidhlig a bhith a’ cluinntin an cànan mar a tha e am beul nan daoine agus a’ neartachadh a’ chànan le muinntir an àite seo fhein a tighinn cruinn.
Tha am buidheann Cabraich a chur air adhart na tachartasan, a luib buidhnean iomairt ann an sgìrean fa leth, a tha a strì airson a’ Ghaidhlig a neartachadh nan coimhearsnachd fhèin. An Sgìre a’ Bhac bha Raonaid Cheannadach Iomairt Loch a Tuath CNAG, a sàs a cur air dòigh na h-oidhche. Tha Cabraich a faighinn taic bho Bòrd na Gàidhlig, Creative Scotland agus CNES.
A’gabhail pàrt sa chùirm bha Còisir Sgìre a Bhac, Cèitidh Greumach Am Bac, Còmhlann Òigridh a’ Mhelòdian Am Bac, sgoilearan Sgoil MhicNeacail agus an dealbh cluich Fèineag, Alasdair Mac’Ille Fhinnein Siabost agus Magaidh Nic a Ghobhainn na Lochan agus an dealbh cluich An Turas, Màighread Stiùbhart Am Bac, Donnchadh Shirkie An Taobh Siar, Sam MacAoidh An Taobh Siar, Anna Nic ‘Ille Fhinnein Siàbost, Nìall MacRisnidh Càrlabhagh, Dòmhnall Saunders, An Taobh Siar, Ruaraidh Dòmhnallach, Steòrnabhagh, Mairi Nic Ille Fhinnein Am Bac agus Fear an Taighe Coinneach Mòr MacIomhair.
The all Gaelic event Cèilidh na Gàidhlig at the Hut in Back included new Gaelic drama, Còisir Sgìre a’ Bhac, songs and traditional music. The next Cèilidh na Gàidhlig will be on Friday 29thApril in Grinneabhat, Bragar
The event has several targets: to strengthen the use of Gaelic in the communities, to bring drama to a new audience and to enable Gaelic learners to be immersed in the language and island culture for an evening.
Local community arts group Cabraich www.cabraich.org organised the event with the support of Rachel Kennedy Iomairt Gàidhlig a Loch a Tuath. Cabraich are grateful for the support of Bòrd na Gàidhlig, Creative Scotland and CNES”
Write excerpt here Read more, Comments: 0
An Turas dealbh cluich ur a sgriobh Eric I Domhnallach
Ceilidh na Gaidhlig Grinneabhat 29mh Giblein
Ceilidh na Gaidhlig Am Bac
The new event Cèilidh na Gàidhlig has several targets: to strengthen the use of Gaelic in the communities, to bring drama to a new audience and to enable Gaelic learners to be immersed in the language and island culture for an evening.
We are working with other community groups, who have a strong interest in maintaining the Gaelic language in each area. Cabraich are grateful for the support of Bòrd na Gàidhlig and CNES.
Read more, Comments: 0Dripeil, trang agus a dol, as ar ciall
Da Dhealbh Cluich Ur
Ceilidh na Gaidhlig 2016
Ceol nam Ban 2016
Bidh Oidhche Ceol nam Ban air an darna Diardaoin den mhios. Diardaoin an 14mh latha den Fhoilleach, an Ionad an Drochaid Am Bridge an Ceann a Bhaigh . A rithist Diardaoin 11 Gearran, 10mh Mart, Thigeamh ann! Ceol, comhradh agus cairdeas.
Write excerpt here Read more, Comments: 0
Feis Cuimhneachaidh
Bha Feis Cuimhneachaidh Absent Friends an Ionad nan Seann Sgoile, an Siabost Dimart 10mh den Samhainn. Thainig Dawn Susan bho Hebridean Baskets chun a' bhuidheann Clann an La an De a shealltain mar a tha i deanamh bascaidean a caol. Thainig duine neo dhithis a nall a Taigh Curaim Blar Buidhe cuideachd agus rinn a h-uile daoine cearcail bheaga agus eisg bheag mar chuimhneachadn air duine a bha faisg dhaibh.
Read more, Comments: 0Slam
Bidh farpais bardachd Slam ann an Steornabhagh air an 16mh den Fhaoileach 2016. A bheil tri piossan bardachd agaibh deiseil?
Bata na Sailm (Ire 2)
Bata nan Sailm
Tha Cabraich an luib Bata nan Sailm an cois an neach ealain Deirdre Ni Mhathuna. Tha seo a cumiseachadh air mar a bhiodh iad a seinn na sailmean anns na h-eathraichean, nuair a bha iad a dol dhan eaglais, a tighinn thairis air Loch Erisort an Sgire nan Loch. Nochdaidh leabhar bardachd, a sgriobh Domhnall S Moireach agus chruthaich Uisdean Brydon, an comhdach agus an leabhar gu tur. Theid a cur air beulaimh dhaoine Dimairt an 8mh latha den Sultain an Ionad na Woodlands an Steornabhagh.
Seo an fiolm goirid a chaidh a dheanamh bho chionn da mhios https://vimeo.com/psalmboat ,
Read more, Comments: 0Tom s Jerry
Domhnall Macleoid talantach an thuirt thu?
Balaich na Whalers
Tha iris ur air nochdadh an diugh mu dheidhinn na fir a Leodhas a bha ag obair air na mucan ann an South Georgia anns na 1950/60s. Chur cuid de na fireannaich sin fiosrachadh agus deilbh ris an leabhar seo. Tha e a cosg £3.50 agus pris a chur dhan phost. Tha Balaich na Whalers ri fhaighinn an seo air an duilleag Facebook againn neo maggiesmith@hebrides.net . S e Cabraich a chur an leabhar seo air adhairt.
Cearcall Seinn
Fiolmaichean Ura
Tha Cabraich a toirt fiolmaichean ura gu buidhnean coimhearsnachd re na tri miosan a tha romhainn. 'S e sgriobhadairean, luchd fiolm agus cleasichean a Leodhas a rinn na fiolmaichean agus chaidh an claradh anns an Eilean cuideachd. 'S ann as an dualchas a thainig cuspair gach fiolm agus bha gach duine ag obair gu saor thoilleach airson an obair a cho-lionadh. Chaidh deich fiolmaichean a tha coig mionaidean a dh' fhaide a chriochnachadh. Chaidh an sealltainn an Grinneabhat am Bradhagair air 18mh Giblein, Ionad Shiabost Clann an La an De 28mh Giblein. Bidh na fiolmaichean rim faicinn am Ionad Bhreascleit aig Able Bodachs and Cailleachs agus aig Lunch Club, Comann Eachdraidh Nis an ath mhios An t-Og mhios. Chaidh na fiolmaichean a dheanamh le Uig Media agus Aignish Riots. Seo a bha aig neach amhairc ri radh:
"Chunnaic sinn taghadh mhìorbhailleach de filmichean goirid, uile dèante air an eilein le stiùirichean is cleasaichean a seo fhein.. A-measg an roinn seo bha gaireachdainn gu-leòr, clisg no dhà, is cuimhneachadh air tachartasan is dòighean-beatha tro eachdraidh an eilein. Chòrd na filmichean ris a h-uile neach a bha ann, cuide ri na h-òrain is a'meòrachadh annasach, mu Eilean Leòdhais. Ceud mìle taing do Chabraich is nach till sibh a rithist?"
Seo cuid de na fiolamichean Am/Aite, As d'aonais, Taigh Dhe, Iolaire, Taigh a Mhuirt, Fios Fithich, Gealladh a Bhard and Leabhar na BeathaTha cuid rim faicinn an seo air larach Uig Media
Read more, Comments: 0Bata nan Sailm
Fiolmaichean ura
Oidhche na Gaidhlig
Bidh a'chiad Oidhche na Gaidhlig ann an Taigh Dhonchaidh air Diardaoin an 16mh den ath mhios (A Ghiblein), Bidh cearcall comhraidh ann aig 6.30f cearcall seinn an deidh sin aig 7.30 agus ceilidh le dealbh cluich, sgeulachdan agus orain an deidh sin.Thug Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar taic airson Oidhche na Gaidhlig a chur air adhart.
Read more, Comments: 0Seanchas Choinnich Tharmoid air loidhne
Cearcall Comhraidh 's Cearcall Seinn
Bidh Cearcall comhraidh agus cearcall seinn eadar 4.30-6.30 ann an Ionad na Seann Daoine, An Ceann a Bhaigh, an Steornabhagh air Dihaoine 20mh, 27mh Mart agus Dihaoine 3mh Ghibhlein
Bidh ceol s orain as an dualchas ann bho 6.30-9f.
Thigeamh a d'eisteachd ri ceol Gaidhealach air a mhalodian s an fhiadhal, agus orain as an dualchas .
Cosg £3.00
Fhuair Cabraich taic bho Bord na Gaidhlig agus bho Comhairle Nan Eilean Siar airson an tachartas seo.
Read more, Comments: 0Peigi Oighrig far a' Chniop
Gealladh a Bhàird Peigi Oighrig Nic A Ghobhainn ag innse mar a fhuair i git a' bhardachd bho brathar a seanair air leabaidh a bhais.
.
Seo a thuirt bràthair mo sheanair rium
Air bu leabaidh bais dha,
Gu robh aige faireachdainn
Gun fhuair mi spiorad bàrdachd,
’S gun tug e mar earal dhomh
“Na cur i chaoidh gu càineadh”
Cha diobair mise an gealladh sin,
Gus an paisgear bhon an fhad mi.
Tha an film ur Gealladh a’ Bhàird air http://youtu.be/X9Le5udTv38
Read more, Comments: 0Fiolmaichean ura agus ceol
Tha ceol anns an Ionad an Ceann a Bhaigh gach Dihaoine agus bha fiolmaichean ura a chaidh a dheanamh an seo fhein, cuideachd rim faicinn oidhche Haoine a chaidh. B'e am fiolm Machair Life- a Dion Machraichean na h-Alba a chiad fhear. Bha croitearan agus croitearachd gu leor ri fhaicinn ag innse mar a tha gleidhteachas a cumail machraichean Uibhist.
Thug A Gift for King George gaire air na bha staigh agus croitear a dol as a rian a feuchainn ri cumail ris na bha air iarraidh air anns na 1900an.
S ann air Camus Uig a chaidh Leabhar na Beatha a chlaradh agus thabhair sealladh agus sgeulachd mu cogadh,gaol agus gonadh.
Thug am fiolm an Iolaire buaidh mhor air na bha a staigh. Tha talant agus cur leis gu leor anns na bailtean. Bidh tuiilleadh fiolmaichean againn an ath mhios .
Read more, Comments: 0
Cearcall Comhraidh
An Dealbh Cluich A Souvenir of Great Yarmouth
Fiolmaichean Ionadail
Bean Choinnich Tharmoid
Cearcal Comhraidh
Eathar nan Sailm
Tha Eathar nan Sailm a' comharrachadh a' chleachdaidh a bhiodh aig muinntir nan Loch, nuair a bhiodh iad a dol dhan eaglais air na h-eathraichean. Bhiodh iad a' seinn nan sailm nuair a bhiodh iad a' fagail a' phuirt agus na h-eathraichean ag iomaireadh dhachaigh chun a' phort aca fhein. Thathas an drasta a cruinneachadh barrachd mu na cleachaidean eile a bha aca, aig deireadh an latha bidh fiolm agus leabharan beag a' claradh an ealain a thainig as na chaidh a chruinneachadh. S e deirdre ni mhathuna a tha air an stuir, Lorna Simpson a' chlaradh air fiolm, Hugh Brydon a' deanamh prints, DS Moireach a Nis a deanamh bardachd agus Ian Stephen a sgriobhadh seanchasan. Bidh Cabraich na luib cuideachd. Proiseact iongantach agus iomadach duine anns a' choimhearsnachd air taic a chur ris an seo mar tha. Fhuaireas taic airgid airson Eathar nan Sailm bho Alba Chruthachail, Sgioba na Gaidhlig agus Comhairle Nan Eilean Siar.
Read more, Comments: 0
Coinneach Tarmod Mo Dhuine- Alasdair Campbell
Bannaimh nach gann
Ceilidh 21 An t-Og Mhios
Mach ann an Deich 2014
Taigh a Mhuirt
Fiolmaichean goirid
Afghanistan
AN SAIGHDEAR
Sgeul an uamhais!
A taomadh bho bhilean
pongail an fhir- naigheachd..
“Fhuair saighdear eile bas ann an Afghanistan
Thuirt ceannard na reisimeid
Gun d’fhuair e bas mar ghaisgeach
Ag cosnadh dha fhein duais- cogaidh
A dion a rioghachd
A deanamh an obair anns an robh tlachd aige
Theid a chorp a sgeith dhachaidh
‘S theid a adhlaicheadh le mor urram agus greadhneachas”
Mo ghille og!
Am bu ghaisgeach thu an glaicean fuar aognaidh a bhais
‘s ne cliu do rioghachd a neartaich thuanns a’ bhruaillean
nuair dh’fhailnich do threoir
s tu nad shineadh
‘ann an sgire choimheach choigreachail Helmand
measg fineachan
fuilteach
ain-diadhaidh,aingidh?
De dhuit-se
duaisean-cogaidh airson gaisge?
oraidean-molaidh mora
fada
S na ceudan a tional air na sraidean
Le neonachas
a feithibh chum amharc air do ghiulain
a shileadh dheoir
a tilgeadh rosan
geal is dearg
Thig smal air an duais -gaisga
Seargaidh na blathan
Theid di-chuimhne air briathran
Sgapaidh na ceudan ud
obair la a feitheamh
Gach aon cho trang
S’cha chuimhnichear THUSA nas mo
A mhain---
Taisgte ann an cridhe do mhathar
Tha craidh do-leighis
- Air nach toir iocshlaint feachd
A triall fo leon
gach la ann an dubhar sgailean dorcha
As eugmhais solais
Criosaidh NicIomhair, Breascleit
Solus Geur
Feis nan daoine a tha air an dreuchd a ligeil dhiubh agus a tha a lorg cur seachadh ur. Bidh sniomh is bardachd is fiolmaichean aig Talla Bhreascleit feasgar DiCiadain an 30mh den mhios seo.
Read more, Comments: 0
Am Fear Teiche
Thainig a bhardachd Am Fear Teiche a sgriobh Murchadh MacFarlain gu ar aire an diugh.
S ann aig a bha an leirsinn:.
Nuair bhios ain-iochd an àite truais
A' riaghladh shìos 's a 'riaghladh shuas
'S nach nochd fear iochd mur faigh e duais,
'S do Nagasaki nithear luath,
'S nach casaid Crìosdaidhean aon uair
Ach orms Di-Dòmhnaich o'n chaidh cuairt,
Séisd:-
Their mi, theirigeadh an saoghal bun-os-cionn
Theirigeadh, ach tarruingidh mi phlaide mu mo cheann,
O Rìgh tarruingidh, O tarruingidh mi srann.
Nuair bhios clann-daoin' le dìobhail céill
Ri moidheadh tur-sgrios air a chéil
Le boms na h-atom 's hydrogen,
Sèisd:
Nuair bhios eaglaisean a' teagasg gràidh
'S iad ri chéile mar dhà nàmh,
Suas togaidh mise mo dhà làimh,
Seisd:
Nuair bios an Ruis 's Ameiriga mhór
Le bus ri bus is dòrn ri dòrn,
A'bagairt tur-sgrios a thoirt oirnn
Is mise is tus' mar fheòirean feòir
Ar guth-gearain lag gun treoir
Mar air iarunn fuar an t-òrd,
Nuair gheibh mi m'aran air bòrd grinn
'S gun mheas air treabhaich' bochd an fhuinn
Le fhallus tha toirt arain dhuinn,
'S a chì air teilidh mi 's a chluinn
Fear eile sgriachail àird a chinn
'S nì mile not e 's an aon oidhch',
Sèisd:
Nam bu shlat thomhais luach ar duais
Cha bhiodh am fear nach d'chuir ri buain,
Nuair chì me neach le fallus gruaidh,
Neach eile càrnadh ionmhais suas
A dhealachas ris aig beul na h-uaigh,
Their mi "Cheartais, cà 'il do bhuaidh?"
Nuair thruailleas sinne gu ar deòin
Am muir, an t-iasg, agus na h-eòin,
S an abhainn uair deoch ás na dh'òl
Na bochan truaillt'gun innt'nì beò,
Is Nemesis a; bagradh oirnn,
Seadh, dìoghaltas dearg air linn-na-sògh,
Sèisd
Nuair bhios Crìostaidhean ag innse dhuinn
Mu dhùthaich ghrinn taobh thall na h-aibhn'
Anns nach bi bròn no duine tinn
'S am bi iad sòlasach ri seinn
'S gun chabhag oirre faighinn innt'
'S m' eas-creidimh-sa ri 'g iarraidh cinnt,
Sèisd
Nuair bhios g'a chéile daoin' am fuath
S nach bi iad réidh ré réis a cuairt,
Sìos an rathad beag geàrr th'eadar creadhail agus uaigh,
Seisd:
Lotan Nadar
A chairdean dean tu dusgadh is tim a ruith cho luath,
Thoir tu urram do ar n-arainneachd 's
Na lotan tha ga sarachadh gun leigheas dhith bhon sluagh
Prothaid an duine uasal dhith, toirt buille bais gach uair.
An uiseag is an smeorach s iad samhach nar linn,
An diugh cha chluinn air madainn chuin na guthan boidheach binn,
Tha deoir a tighinn bho dhrium a'chuan, tha osna aig gach beann,
S na fleuran caomh air druim a' fhraoich a cromadh sios an ceann.
Uilleam Iain Caimbeul
Read more, Comments: 0Solus Geur 30mh Damhair
SonaSonas
sràide Gàidhlig, air ais aig Mela Ghlaschu ann am Pàirc Kelvingrove
Disathairne seo tighinn! Bidh sinn aig an fhèis ioma-chultarach as motha
ann an Alba nar Cafaidh Gàidhlig, far am bi blasadan Gàidhlig air a’
chlàr-bìdh is aran milis is tì saor an asgaidh! Tha cuid de na tha air
a’ chlàr-bìdh gu math spìosrach is bidh ar sàr-cheòladair ann cuideachd
air son ur cur ann an deagh shunnd… ach ma tha òran Gàidhlig agaibh
fhèin no ma bhios sibh air son beagan còmhradh Gàidhlig, nach tadhail
sibh oirrn air son cabadaich is spòrs bho 12f Disathairne! Dèan like air
an duilleag againn https://www.facebook.com/sonasonas.sraide?ref=hl
is gheibh sibh am fiosrachadh as ùire mu càite buileach am bi sinn…
roinn am post seo ri 20 caraidean is mathaid gun toir ar maître-d
càirdeil pòg dhuibh cuideachd!
Tha sònaSonas taingeil airson taic bho Alba Cruthachail, Bhòrd na Gàidhlig, An Lòchran agus Glaschu Beò.
" Read more, Comments: 0
Bho Sgaile Suainabhal
A Ghiblean, An Ceitean, 's An t-Og Mhios
A 'Mhairt / A' Ghiblean/ An Ceitean
A' tarraing comhla
Air Chuairt
Criochan na Bliadhna
Read more, Comments: 0
Stronsay Shore
Read more, Comments: 0
Aig Ceann Camus Uig
Ceol gach linn
Loch an Inbhir
Uig agus Asainte +
Cearcall amhrain
Clann an la an de
Na rainig thu fhein Yarmouth?
Tha Torr dhe Seors' an Cabharstaigh
Tractor Ceilidh
Bha gu leòr puirt Danns a’ Rathaid aig Cèilidh nan Tractaran, Disathairne an 18mh Lunasdal 2012 bha Ruaraidh Dòmhnallach a dol timcheall baile Bhuirgh air taobh siar Leòdhais, air an tractar agus duine sam bith a bha ag iarraidh an CD ùr aige a cheannach, gheibheadh iad port aig ceann an t-staran.
Bha fir a’ bhaile ag obair aig an fhaing agus ràinig e iad. Thàinig crodh a’ bhaile a dh’èisteachd fhads a bha e a cluich.
Bha Ceilidh an Talla Bhuirgh an dèidh làimh le duff is biadh math.
San à Achadh na Criàdha, Steòrnabhagh a tha Ruaraidh agus thug e an airgead a rinn an CD seo ga Cathranas
Read more, Comments: 0
Cuin' a bha thu ann a Yarmouth?
Read more, Comments: 0
Larach lin ur!
Read more, Comments: 0