Nuair a sheasas mi aig Ceann a' Bhàigh
Air feasgar cuin gun dheò
'S a sheallas mi a-null an tràigh
Gu na beanntan àrd gun sgleò.
Chì mi maise tìr mo ghràidh
Far an dh'fhuair mi m'àrach òg.
'S dusgaidh e mo smuain gu dàn
'S gu làithean fàs na h-òig.
Chì mi machair 's chì mi tràigh
Tha maiseach bàn na glòir
'S chì mi eòin a cluich 's a snàmh
'S gam biathadh fhèin 's na lòin.
Chì mi aig dol fodha na grèinn
Na spèirean caiste an òr.
'S e seo aon àite air talamh Dhè
'S am b'fheàrr leam tàmh rim bheò.
Chì mi bailtean beag an àite
'S an nàbaidheachd aoibhneach chòir
Na laighe aig sìth an cois a' bhàigh.
Fodh' sgail nam beanntan mòr.
Na mointean chì mi mar a bha
'S na daoine bàigheil còir
Bha ann 's gach baile seo a tàmh
'S nach eil an dràsta beò.
Tha' n dachaighean air dhol gu làr
'S gach cagailte fuar gun cheò
'S gun daoine ann a sheas nan àite
'Se obair cràidh 's bròn.
Ach bidh an sealladh timcheall air a ' bhàgh
Gu bràth gu h-alainn beò
'S cha shearg e sìos le aois gu bàs.
Mar tha 'n dàin do d'fhuil is feòil.
Dòmhnall MacIomhair, Cradhlastadh 2008