Thainig a bhardachd Am Fear Teiche a sgriobh Murchadh MacFarlain gu ar aire an diugh.
S ann aig a bha an leirsinn:.
Nuair bhios ain-iochd an àite truais
A' riaghladh shìos 's a 'riaghladh shuas
'S nach nochd fear iochd mur faigh e duais,
'S do Nagasaki nithear luath,
'S nach casaid Crìosdaidhean aon uair
Ach orms Di-Dòmhnaich o'n chaidh cuairt,
Séisd:-
Their mi, theirigeadh an saoghal bun-os-cionn
Theirigeadh, ach tarruingidh mi phlaide mu mo cheann,
O Rìgh tarruingidh, O tarruingidh mi srann.
Nuair bhios clann-daoin' le dìobhail céill
Ri moidheadh tur-sgrios air a chéil
Le boms na h-atom 's hydrogen,
Sèisd:
Nuair bhios eaglaisean a' teagasg gràidh
'S iad ri chéile mar dhà nàmh,
Suas togaidh mise mo dhà làimh,
Seisd:
Nuair bios an Ruis 's Ameiriga mhór
Le bus ri bus is dòrn ri dòrn,
A'bagairt tur-sgrios a thoirt oirnn
Is mise is tus' mar fheòirean feòir
Ar guth-gearain lag gun treoir
Mar air iarunn fuar an t-òrd,
Nuair gheibh mi m'aran air bòrd grinn
'S gun mheas air treabhaich' bochd an fhuinn
Le fhallus tha toirt arain dhuinn,
'S a chì air teilidh mi 's a chluinn
Fear eile sgriachail àird a chinn
'S nì mile not e 's an aon oidhch',
Sèisd:
Nam bu shlat thomhais luach ar duais
Cha bhiodh am fear nach d'chuir ri buain,
Nuair chì me neach le fallus gruaidh,
Neach eile càrnadh ionmhais suas
A dhealachas ris aig beul na h-uaigh,
Their mi "Cheartais, cà 'il do bhuaidh?"
Nuair thruailleas sinne gu ar deòin
Am muir, an t-iasg, agus na h-eòin,
S an abhainn uair deoch ás na dh'òl
Na bochan truaillt'gun innt'nì beò,
Is Nemesis a; bagradh oirnn,
Seadh, dìoghaltas dearg air linn-na-sògh,
Sèisd
Nuair bhios Crìostaidhean ag innse dhuinn
Mu dhùthaich ghrinn taobh thall na h-aibhn'
Anns nach bi bròn no duine tinn
'S am bi iad sòlasach ri seinn
'S gun chabhag oirre faighinn innt'
'S m' eas-creidimh-sa ri 'g iarraidh cinnt,
Sèisd
Nuair bhios g'a chéile daoin' am fuath
S nach bi iad réidh ré réis a cuairt,
Sìos an rathad beag geàrr th'eadar creadhail agus uaigh,
Seisd: