Leir-mheas Ceilidh na Gaidhlig
Maggie July 11, 2016

Euan MacLeod - Oifigear Proiseact UCBA-


Tháinig Cèilidh na Gàidhlig do Ghrinneabhat na b' traithe sna bliadhna is b' e cuithream air leth a bh'ann a chòrd ris a h-uile neach a bha an láthair. Tha e doirbh dhomh a' mìneachadh cho cudthromach sa bha a' chúis a-réir neartachadh Gàidhlig nar sgìre, nar cuideachd bha luchd-labhairt ionadail a rugadh san sgìre, agus daoine ùr dhan áite, cuid gun Ghàidhlig idir. Fhuair cluicheadairean is seinneidearan de gach aois cothrom an sgilean a thaisbeanadh air beulaibh luchd-amhairc, rud a bhrosnaicheas misneachd dhaibh.


 Chualas bàrdachd, òrain, agus seanchas, a bha uile gu léir nadurra agus neo-fhoirmeil. Cuideachd bha sinn uabhasach fhèin fortanach gun robh Dràma, ùr-sgrìobhte, dhúinn air an oidhche - cùis a tha fada ro ghann aig an àm seo air an àrd-ùrlar. Mholainn Cèilidh na Gàidhlig do neach sam bith mar bhlasad de chultar Leòdhais agus a' Ghàihealtachd air san fharsaingeachd, agus tha UCBA làn dóchais gun till a' Chèilidh cho luath sa ghabhas


Comments: 0
Email again:
Add a comment
Name:
E-mail:
Comment: