Tha Eathar nan Sailm a' comharrachadh a' chleachdaidh a bhiodh aig muinntir nan Loch, nuair a bhiodh iad a dol dhan eaglais air na h-eathraichean. Bhiodh iad a' seinn nan sailm nuair a bhiodh iad a' fagail a' phuirt agus na h-eathraichean ag iomaireadh dhachaigh chun a' phort aca fhein. Thathas an drasta a cruinneachadh barrachd mu na cleachaidean eile a bha aca, aig deireadh an latha bidh fiolm agus leabharan beag a' claradh an ealain a thainig as na chaidh a chruinneachadh. S e deirdre ni mhathuna a tha air an stuir, Lorna Simpson a' chlaradh air fiolm, Hugh Brydon a' deanamh prints, DS Moireach a Nis a deanamh bardachd agus Ian Stephen a sgriobhadh seanchasan. Bidh Cabraich na luib cuideachd. Proiseact iongantach agus iomadach duine anns a' choimhearsnachd air taic a chur ris an seo mar tha. Fhuaireas taic airgid airson Eathar nan Sailm bho Alba Chruthachail, Sgioba na Gaidhlig agus Comhairle Nan Eilean Siar.